The Scottish Parliament's think-tank

Uaine is donn

Iain MacDiarmaid allotment

Gus seachdain na Gàidhlig 2022 a chomharrachadh, iarr Fòram Alba air Thoiseach air grunn luchd-labhairt Gàidhlig na beachdan aca a thoirt dhuinn mun àm ri teachd.

Tha am pròiseact, a chaidh a ruith le taic bho Oifigearan Gàidhlig na Pàrlamaid, ag amas air cur ri lèirsinn a chaidh a chur ri chèile aig tachartas aig Fhòram Alba air Thoisach ann an 2019, Alba far a bheil “Gàidhlig ri faicinn is ri cluintinn sa bheatha phoblaich, le Gàidhlig ga cleachdadh gu cunbhalach airson ceistean nach eil co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig”. 

Anns a’ bhloga seo, tha an craoladair agus ‘gàirnealair de sheòrsa’ Iain MacDiarmaid a’ coimhead air mar a tha lotaichean a’ cur ri coimhearsnachd, sunnd agus ris an àrainneachd sa bhaile mhòr agus air na buannachdan bho bhith a’ fàs ar biadh fhèin.


Tha mo làmhan làn le poll is mi a’ cromadh san lot, fuaim an M8 a’ ruith mar shruth. Ach fòidhpe, tha sinne, na daoine a bhios a’ cur is a’ fàs glasraich, a’ dèanamh a’ chuid as fheàrr de là math. 

’S e pònairean leathann is creamh – a bha còir a bhith san talamh o chionn fhada – a tha romham. Bidh iad sin, le buntàta ùr is teàrd Eilbheiseach, a’ dol dhan a h-uile dìnnear tràth samhradh. 

’S e allotmenter, gàirnealair de sheòrsa a th’annam. 

Bho chionn seachd bliadhna, eadar reothadh is aiteamh, madainn Disathairne san Dàmhair, lìon mi flasg le coffee is leum mi air a’ bhaidhsagal. Bha mi a’ dèanamh air Ruadh Rìgh. Mo cheann-uidhe, Lotaichean Coimhearsnachd Kennyhill ann an taobh siar Ghlaschu ‘son caraidean a chuideachadh. Bha lot ùr aca is bha iad togail leapannan àrda. 

Iomadh uair a thìde slaodadh seann phallets às a chèile is gan cur gu feum a-rithist, is bha mi air mo bheò-ghlacadh. Baile beag sa bhaile-mhòr. Baile a chaidh a chruthachadh le saothair, seach airgead. 

Tòrr dheth coltach ri rudeigin à Mad Max – seadaichean air an dèanamh a-mach à seann mheatailt bho chùl fhridsichean, taighean-glainne le bun-stèidh bho sheann taighean beaga nan tenements, dèideagan a’ crochadh bho chraobhan ’son calmain a chumail air falbh. 

Ach a bharrachd air an àite, bha na daoine. Bha a h-uile duine laghach, cuideachail. Agus bha iad uile ann air adhbhar air choreigin- a’ sireadh oisean dhaibh pèin ’son fasgadh is fàs. 

Chuir mi m’ ainm air an liosta-fheitheimh an là sin fhèin. 

Seo an t-siathamh bliadhna agam ann. Seachd bliadhna de dhùbhlain, dè dh’ adhartas, de cheum air adhart is ceum air ais. Ach gach bliadhna, tha mi ag ionnsachadh; gach bliadhna, tha mi nas rèidhe; is gach bliadhna, piseach. 

’S ann dubh-donn, mìn a tha an ùir a-niste. Tha i a’ briseadh nam làmhan mar aran-milis sa bhobhla. Ruith tro mo chorragan, a’ cur nam cuimhne a h-uile là a chuir mi seachad an seo – leam fhèin, le caraidean.

Tha mi moiteil às an talamh seo, cho torach ’s a tha e. An uimhir a chuir sinn uile ann, an uimhir a tha sinn a’ faighinn às. 

Air sgàth nan daoine, air sgàth na talmhainn, tha mi air mo dhlùth-cheangal ris a’ bhaile seo ann an dòigh nach robh mus d’fhuair mi an lot. 

Chan ann leam-sa a tha e, ge-tà. Agus ’s e sin an rud as fheàrr mu dheidhinn.’S ann leis a’ Chomhairle a tha iad. Chaidh an cruthachadh teis-meadhan a’ Chiad Chogaidh.  Gach lot mòr gu leòr son leigeil le teaghlach de cheathrar biadh a chumail riutha fhèin. Ceud bliadhna de dhaoine a’ coimhead às an dèidh, a’ cur an cuid fhèin ris, a’ faighinn an cuid fhèin às, gus an tig neach eile air an cùlaibh. 

Tha a’ ghrian a’ briseadh troimhe is mi air na pònairean a chur, a’ ghaoth a togail beagan is a’ sèideadh a’ bhrataich os cionn an t-seada. Bratach le suaicheantas Dionnasg an Fhearainn air. B’ iad na daoine a thàinig còmhla gus guth, neart is spionnadh a thoirt do chroitearan is iad a strì ’son an talamh aca fhèin sna 1880an. Is treasa tuath na tighearna, mar a bh’ aca.

Tha an liosta-fheitheimh air fàs bhon a thàinig mise an seo. Ann an cuid a dh’àiteachan ann an Glaschu, feumar feitheamh deich bliadhna ’son lot faighinn. Chan eil gu leòr dhuibh sa bhaile, is tha an aon rud fìor an Alba air fad. Ach tha talamh bàn am pailteas ann. 

Thàinig lagh ùr a-steach ann an 2015 a’ toirt air Comhairlean mìneachadh ciamar a chruthaicheadh iad barrachd àiteachan ‘son biadh ionadail fhàs. Ach ‘s ann slaodach is beag a tha an t-atharrachadh sin air a bhith.

Tha ceann-là eile fada air fàire, 2045. Amas ’son a bhith a’ glacadh an aon uimhir de charbon ’s aa tha sinn a’ sgaoileadh. Aig Kennyhill, tha an àrainneachd, ath-chuairteachadh is fàs ionadail aig cridhe gach rud a tha sinn a’ dèanamh.

Ma tha sinne ag iarraidh dùthaich sheasmhach, chothromach a chruthachadh, thoir fearann choimhearsnachdan sa bhad. Leig leotha àiteachan ùra fhosgladh do dhaoine air feadh na dùthcha.  Cha d’fhuair na croitearan càil a’ feitheamh air gràs is coibhneas an tighearna. Mus tig 2045, tha còir cothrom a bhith aig gach neach a dh’iarradh e, an corragan a chur sa pholl is an cuid dìnnearach fhàs. 


Iain MacDiarmaid

‘S ann às an Eilean Sgitheanach a tha Iain MacDiarmaid, ach tha e a niste a fuireach ann a Glaschu. The e a’ ruith companaidh nam meadhanan, dèanamh prògraman is pod-chraolaidhean. Mar is trice tha e sa lot, sa ghàrradh, no muigh leis an cù aige. Is urrainn dhut an obair air an lot a leantainn air Instagram aig @allotment62 • Instagram photos and videos.



The Fòram Alba air Thoiseach ann gus deasbad a bhrosnachadh mu Alba san àm ri teachd na h-Alba san fhad-ùine, agus tha sinn ag amas air raon de bheachdan a sgaoileadh. Tha na beachdan sa bhloga seo aig an ùghdar agus faodar nach ionnan iad agus beachdan Fòram Alba air Thoiseach.