The Scottish Parliament's think-tank

Tha cumhachd anns a’ choimhearsnachd

Sign in Gaelic saying "We don't have any other planet"

Gus seachdain na Gàidhlig 2022 a chomharrachadh, iarr Fòram Alba air Thoiseach air grunn luchd-labhairt Gàidhlig na beachdan aca a thoirt dhuinn mun àm ri teachd.

Tha am pròiseact, a chaidh a ruith le taic bho Oifigearan Gàidhlig na Pàrlamaid, ag amas air cur ri lèirsinn a chaidh a chur ri chèile aig tachartas aig Fhòram Alba air Thoisach ann an 2019, Alba far a bheil “Gàidhlig ri faicinn is ri cluintinn sa bheatha phoblaich, le Gàidhlig ga cleachdadh gu cunbhalach airson ceistean nach eil co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig”. 

Anns a bhloga seo, tha an Instagramaiche uaine Iona NicIlleBhàin ag innse dhuinn mar as urrainn cumhachd coimhearsnachd agus iomairtean àrainneachdail a thighinn còmhla airson leas na h-Alba ann an 2045. 


Tha Alba agus ar poball comasach air atharrachadh ann an iomadh dòigh anns an dà dheichead a tha romhainn, ach tha sinn a’ call smachd air mar a bhios ar planaid is an àrainneachd ag atharrachadh anns an àm sin. Gus smachd a chumail air seo feumaidh sinn oidhirp a bharrachd a chur a-steach an-dràsta gus ar droch bhuaidh a lùghdachadh agus nam bheachd-sa a bhith nas mothachaile air a’ chumhachd a tha againn aig ìre ionadail is anns na coimhearsnachdan againn gus droch bhuaidh a thionndadh mun cuairt.

Dhomhsa, tha Alba san àm ri teachd a’ coimhead mar àite far a bheil pàirt ghnìomhach aig a’ phoball anns a’ choimhearsnachd aca fhèin agus a’ bhuaidh aca. Tha barrachd àitichean uaine anns na bailtean- mòra, tha na h-àiteachan uaine seo is àiteachan trèigte air an leasachadh gus an dèanamh nas tairbhiche, tha eòlas air sgaoileadh is tha cleachdaidhean so-sheasmhach mar phàirt de bheatha làitheil.

Tha an Alba air a bheil mi a’ bruidhinn againn an-dràsta leis an fhìrinn innse. Tha fios agam air seo leis gu bheil iomairtean soirbheachail is so-sheasmhach air sgapadh air feadh na dùthcha. Tha cleachdaidhean is pròiseactan ùr-ghnàthach a’ nochdadh anns gach sgìre agus feumaidh sinn an cleachdadh, am brosnachadh is an leudachadh.

Tha an t- àm ri teachd airson Alba comasach a bhith gu math so-sheasmhach ach, nam bheachd-sa feumaidh sinne mar dhùthaich ceanglaichean a dhèanamh aig ìre ionadail is a bhith dèanamh follaiseach dè a’ bhuaidh a bhiodh bho rudan mar seo air beatha làitheil gach aonan againn. Ann an dùthaich nach eil cleachdte ri aimsir ro theth neo ro fhuar, tha e furasta fhaicinn carson nach biodh sinn uile a’ smaointinn mu atharrachadh na ghnàth-shìde nar beatha làitheil. Nuair a tha prìsean bith-beò a dol suas is cosgaisean teaghlaich againn rim pàigheadh chan eil atharraichean so-sheasmhach a’ coimhead ro chudromach. Cha bu chòir dha beatha sho-sheasmhach a bhith doirbh do dhuine sam bith, ach gun atharrachaidhean goireasach neo gun mhòran chosgaisean chan eil beatha mar seo ruigsinneach dhan a h-uile duine. Feumaidh sin atharrachadh.

Buannachdan seach dìreach buaidhean

Tha atharrachaidhean aig ìre ionadail mar bhùithtean-obrach sgilean carachadh is sgeamaichean co-roinn innealan a’ toirt smachd dhuinn air ar buaidh fhèin air an àrainneachd timcheall oirnn ach, a bharrachd air sin tha buannachdan mar shlàinte, lùghdachadh sgudail, cothroman obrach is ‘s dòcha fiù ’s biadh an-asgaidh.

Tha e gu math furasta a bhith tuiteam sìos toll de na droch bhuaidhean air ar beatha is a’ phlanaid le atharrachadh na gnàth-shìde, ach nam bheachd-sa gus brosnachadh a thoirt air barrachd dhaoine a bhith dèanamh atharrachaidhean so-sheasmhach, feumaidh sinn a bhith coimhead air na buaidhean deimhinneach a thathar a’ faireachdainn aig ìre ionadail is aig gach daoine fa leth.

Bailtean beò

Tha mi fhìn a’ fuireach ann am flat air mhàl ann am baile-mòr Ghlaschu agus ’s e seo far a bheil tòrr den eòlas agam air tighinn, ach tha mi mothachail gu bheil coimhearsnachdan air feadh na dùthcha a’ dèanamh rudan coltach. Ged a tha am baile-mòr a’ còrdadh rium, tha mi daonnan a’ faireachdainn nach eil na h-aon chothroman agam a bhith so-sheasmhach nam bheatha làitheil ’s a bhiodh agam nam bithinn a’ fuireach ann an taigh fa leth neo air an dùthaich. Ach, cha bu chòir dha staid ar taigheadais neo an sgìre anns a bheil sinn a’ fuireach buaidh a thoirt  air na cothroman againn gus diofar a dhèanamh, ‘s docha gum bi iad dìreach beagan diofraichte.

Iomairt neo dhà a tha air nochdadh gu h-ionadail dhomhsa a bu chòir dhuinn leasachadh is leudachadh san àm ri teachd:

Iona Whyte holding a sign "Why made my clothes?"
  • gàrraidhean coimhearsnachd far a bheil daoine a’ fhàs flùraichean is a’ bhidhe aca fhèin
  • Leabharlannan sìl is sgeamaichean compoist coimhearsnachd
  • lìonraidhean is hubs càraidh far a bheilear a’ càradh rud sam bith bho aodaich, rothairean gu coimpiutairean
  • fionnaradairean coimhearsnachd
  • sgeamaichean co-roinn chàraichean
  • slighean ùra rothaireachd is sgeamaichean co-roinn rothar

‘S e seo dìreach blasad de na rudan a tha a’ dol ann an coimhearsnachdan air feadh Alba, feadhainn dhiubh le taic bhon Riaghaltas is comhairlean is feadhainn dìreach le taic ionadail. Agus, aig àm far nach eil sinn a’ faireachdainn gu bheil smachd againn air na com-pàirtichean mòra ann an atharrachadh na gnàth-shìde mar chleachdadh connaidh-fhosail, ’s e na h-atharrachaidhean aig ìre ionadail a dh’fheumas sinn leasachadh is leudachadh.

An obair a tha romhainn

’S e dùthaich bhòidheach is fhiadhaich a th’ ann an Alba làn dhaoine le sgilean sònraichte is beachdan ùr-ghnàthach a tha làn comais fìor dhiofar a dhèanamh gus ar droch bhuaidh air a’ phlanaid a lùghdachadh is diofar deimhinneach a chruthachadh aig ìrean ionadail.

Airson an Alba seo fhaicinn a’ tighinn gu bith bhithinn a’ moladh dha Pàrlamaid na h-Alba mothachadh nan gaisgeach coimhearsnachd a th’ againn anns gach sgìre, leantainn orra a bhith a’ brosnachadh is a’ toirt fàs air na pròiseactan a th’ aca mar fhionnaradairean coimhearsnachd neo sgeamaichean sàbhaladh biadh-cathte gus atharrachaidhean so-sheasmhach a thoirt gu bith is sgaoil an t-eòlas seo. Mholainn dha Pàrlamaid na h-Alba a bhith toirt taic dha coimhearsnachdan àiteachan trèigte a leasachadh gus àiteachan uaine chruthachadh is na buannachdan ann am pròiseactan mar seo a dhèanamh follaiseach dhan phoball air fad. Mholainn dha Pàrlamaid na h-Alba dèanamh cinnteach gu bheil pàirt ghnìomhach aig poball na h-Alba anns an àm ri teachd aca fhèin mus bi e ro fhadalach.

Ann an dòigh, chan eil roghainn againn mu seo, ’s dòcha gur e seo an t-àm ri teachd a bhios againn co-dhiù le atharrachadh na ghnàth-shìde, nuair nach urrainn dhuinn na stuthan is am biadh againn a thoirt a-steach, ach seo an cothrom againn a bhith a’ gabhail smachd air seo agus mar a bhios sinn ga dhèanamh, airson Alba a chumail bòidheach, fiadhaich is uaine.


Iona NicIllebhàin

‘S mise Iona NicIllebhàin. ‘S ann à Glaschu a tha mi, far an do rugadh agus a thogadh mi. Dh’ionnsaich mi mo chuid Ghàidhlig bho m’athair agus aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. ‘S e neach lagh a th’annam nam obair làitheil is bidh mi ag aithris air spòrs ‘s na meadhanan Ghàidhlig cuideachd. Nuair nach eil mi ag obair is toil leam a bhith cluich rugbaidh, a leughadh is a bhith siubhal 

Thoisich mi cunntas Instagram A’ Bheatha Uaine ann am 2019 mar doigh barrachd ionnsachadh mu bhith nas so-sheasmhaich, fios a sgapadh is cuideachd mo chuid Ghàidhlig a chleachdadh nam bheatha làitheil. 



The Fòram Alba air Thoiseach ann gus deasbad a bhrosnachadh mu Alba san àm ri teachd na h-Alba san fhad-ùine, agus tha sinn ag amas air raon de bheachdan a sgaoileadh. Tha na beachdan sa bhloga seo aig an ùghdar agus faodar nach ionnan iad agus beachdan Fòram Alba air Thoiseach.