The Scottish Parliament's think-tank

Solais laiste nan Eilean

Girl looks out over lochPhoto by Gary Ellis on Unsplash

Gus seachdain na Gàidhlig 2022 a chomharrachadh, iarr Fòram Alba air Thoiseach air grunn luchd-labhairt Gàidhlig na beachdan aca a thoirt dhuinn mun àm ri teachd.

Tha am pròiseact, a chaidh a ruith le taic bho Oifigearan Gàidhlig na Pàrlamaid, ag amas air cur ri lèirsinn a chaidh a chur ri chèile aig tachartas aig Fhòram Alba air Thoisach ann an 2019, Alba far a bheil “Gàidhlig ri faicinn is ri cluintinn sa bheatha phoblaich, le Gàidhlig ga cleachdadh gu cunbhalach airson ceistean nach eil co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig”. 

Anns a’ bhloga seo tha Rhoda Meek, croitear agus neach-gnìomhachais a’ coimhead air mar a dh’fheumar aghaidh a chur air dùblain an taigheadais sna h-eileanan gus a’ choimhearsnachd is an eaconomaidh a dhìon is a neartachadh. 


Dè an t-slighe air adhart do choimhearsnachdan stèidhichte ann an eileanan far a bheil na solais a’ crìonadh sa Gheamhradh? 

A’ beachdachadh air na bliadhnaichean air thoiseach oirnn, ’s e sin a’ cheist as motha dhomhsa. Agus ’s i ceist dhoirbh a th’ innte. 

Nam bhaile-sa tha leth-cheud sa cheud de na taighean gun solais sa gheamhradh. An dàrna leth. Chan e rud math a tha sin agus tha eagal orm gu bheil e a’ comharrachadh nas miosa ri thighinn san àm ri teachd mura dèan sinn rudeigin – gu luath. 

Tha taigheadas agus gnìomhachas nan dà thaobh den aona chuspair. Gun ghnìomhachas cha tèid aig daoine air fuireach, fantail no gluasad don choimhearsnachd. Gun taigheadas cha tèid aig daoine air gnìomhachasan a thòiseachadh, tagraidhean-obrach a ghabhail no an cumail. Gun daoine a tha fhathast a’ cosnadh, a tha fhathast fallain gus obair shaor-thoileach a dhèanamh, agus a tha a’ cur clann don sgoil, chan eil dòigh air thalamh gun cùm sinn coimhearsnachdan slàn fallain sna h-eileanan againn. 

Agus tha seo gun fiù ’s smaoineachadh air a’ Ghàidhlig – air a’ chultar a tha cho dlùth dhi, agus air a’ mhion-eòlas àiteachail a tha sinn air a chall, agus a tha sinn a’ call fhathast. 

Ri linn Covid tha sinn air faicinn ann an dòigh ùr cho cugallach ’s a tha eaconamaidh a tha stèidhichte air teachd a-steach bho thurasachd. ’S tric a tha sinn a’ sealltainn air daoine a’ ceannach thaighean sna h-eileanan a dh’aona gnothach airson teicheadh bhon bhaile-mhòr – agus nuair a bhuaileas e orra gu bheil beatha sna h-eileanan gu math doirbh, tha iad a’ cur an taigh air màl samhraidh agus a’ teicheadh air ais don bhaile Tha sin air fàs nas miosa buileach. Air an cùlaibh tha iad a’ fàgail taigh falamh, margaidh thaighean aig a bheil prìsean cus ro àrd airson a’ mhòr chuid, agus coimhearsnachdan gun taigheadas freagarrach dhaibhsan a tha deònach fuireach an seo agus pàirt a ghabhail ann am beatha na coimhearsnachd. Do chuid eile chan eil ann ach cothrom cosnaidh – tha iad a’ ceannach còig taighean gus an cur air màl àrd san t-samhradh gun smaoineachadh ro dhomhain air a’ bhuaidh. 

Sin an fhìrinn. ‘S e raon-cluiche a th’ ann an iomadh eilean. Raon-cluiche dhaibhsan aig a bheil airgead. Agus chan eil gu leòr den airgead sin a’ fuireach sna h-eileanan. 

Mas e geama a th’ ann, ’s iomadh eilean a tha ga chluich le neart. Tha gnìomhachasan ùra a’ nochdadh anns a h-uile h-àite. Tha Tiriodh na dheagh eisimpleir, le pròiseactan ùra coimhearsnachd, gnìomhachasan ùra air feadh an àite agus spiorad làidir coimhearsnachd ann fhathast. Ach tha eagal orm nach bi sin gu leòr. Gun taigheadas chan eil dòigh ann luchd-obrach fhastadh. Tha sinn a’ faicinn sin an-dràsta agus chan ann nas fheàrr a tha an suidheachadh a’ fàs. Gun luchd-obrach cha tèid aig cafaidhean agus bùithtean air fosgladh … agus càite an uair sin an tèid an luchd-turais? 

Chan eil aona fhreagairt ann, ach tha rud no dhà cinnteach. Ma tha coimhearsnachdan fallain gu bhith againn ann an àitichean mar Thiriodh taobh a-staigh fichead bliadhna, feumaidh rudeigin atharrachadh. 

Tha mi airson taigheadas fhaicinn a chaidh a thogail gu luath, ach gu math. Tha mi airson bacadh fhaicinn air taighean-samhraidh agus “taighean a bharrachd”. Tha mi airson taic a bharrachd fhaicinn dhaibhsan a tha a’ fuireach an seo agus dhaibhsan a tha a’ feuchainn ri seann taighean a leasachadh no taighean ùra thogail. 

Bidh cuid fiadhaich ma thèid bacadh orra o bhith a’ cosnadh bhon eilean gun a bhith a’ fuireach an seo. Tha mi coma. Chan eil tìde ann dragh a bhith oirnn. Tha an ùine a’ teannadh oirnn agus chan eil cùisean a’ fàs nas fheàrr. Tha àm nan geamannan seachad. 

Ann an còig bliadhna eile tha mi an dòchas gum bi làn-thaic ann do dh’eileanan gus dèanamh cinnteach gu bheil na coimhearsnachdan aig cridhe ghnothaichean a tha a’ buntainn ris an àite. Chan eil “àite” ann gun choimhearsnachd, chan eil ann ach fàsach fliuch. 

Ma chailleas sinn a’ choimhearsnachd a tha ann fad na bliadhna, caillidh sinn spiorad na coimhearsnachd agus na tha air fhàgail den chànan agus den chultar. Caillidh sinn daoine òga agus ar dòchas nan cois. Rudan cho prìseil, ‘s nach tèid againn air an lorg gu bràth tuilleadh.  

Gu fortanach tha ar n-eileanan làn de sholais òga, chruthachail, làidir, ach tha iad a’ sabaid an aghaidh siostam briste. Tha mi an dòchas anns na bliadhnaichean a tha air thoiseach oirnn gun tèid againn air na solais a chumail – gus dèanamh cinnteach gu bheil iad laiste agus rim faicinn feadh nan eilean, fad na bliadhna.


Rhoda Meek

Stèidhich Rhoda Meek Isle Deveop CiC, iomairt shòisealta a tha a’ ruith pròiseactan didseatach le eileanaich aig an cridhe. Tha a pròiseactan làithreach a’ gabhail a-steach isleHoliday.com and isle20.com.

Nuair nach eil i a’ coimhead air sgrìn coimpiutair, tha i na croiteir, tha i a ruith Tiree Tea agus uaireannan a’ cluich Minecraft. Tha i stèidhichte ann an Tiriodh. 



The Fòram Alba air Thoiseach ann gus deasbad a bhrosnachadh mu Alba san àm ri teachd na h-Alba san fhad-ùine, agus tha sinn ag amas air raon de bheachdan a sgaoileadh. Tha na beachdan sa bhloga seo aig an ùghdar agus faodar nach ionnan iad agus beachdan Fòram Alba air Thoiseach.