The Scottish Parliament's think-tank

Ealain-lèirsinneach na Gàidhealtachd anns na 2040an: Sùil Air Ais

Artwork by Críostóir de PiondargásPsych-Goidelica - Críostóir de Piondargás

Gus seachdain na Gàidhlig 2022 a chomharrachadh, iarr Fòram Alba air Thoiseach air grunn luchd-labhairt Gàidhlig na beachdan aca a thoirt dhuinn mun àm ri teachd.

Tha am pròiseact, a chaidh a ruith le taic bho Oifigearan Gàidhlig na Pàrlamaid, ag amas air cur ri lèirsinn a chaidh a chur ri chèile aig tachartas aig Fhòram Alba air Thoisach ann an 2019, Alba far a bheil “Gàidhlig ri faicinn is ri cluintinn sa bheatha phoblaich, le Gàidhlig ga cleachdadh gu cunbhalach airson ceistean nach eil co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig”. 

Sa bhloga seo, tha neach-ealain is neach-teagaisg Críostóir de Piondargás a’ coimhead air saoghal soirbheachail nan ealainean-lèirsinneach Gàidhlgeach ann an 2045 agus na ceuman a bha a dhìth gus san ceann-uidhe sin a ruigsinn.


Anns a’ phìos seo, saoilidh an t-ùghdar cò ris a bhios saoghal ealain-lèirsinneach na Gàidhealtachd anns na 2040an ach bheir e sùil air ais air na leasachaidhean agus atharrachaidhean a thachair anns an eadar-àm.

Coltach ri cultaran eile air feadh an t-saoghail, tha eachdraidh nan Gàidheal loma-làn eisimpleirean ealantais lèirsinnich. Anns an latha an-diugh, seasaidh ealain lèirsinneach gu h-àrd ri taobh ciùil, seinn, drama is bàrdachd mar phàirt phrìseil de dh’ealainean na Gàidhealtachd. Tha e furasta ri dhìochuimhneachadh, gu bho chionn na 20 bliadhna a dh’fhalbh, nach deachaidh ealainean lèirsinneach na Gàidhealtachd aithneachadh am measg nan ealainean eile mar bu choir. A dh’aindheoin an uiread eisimpleirean bho eachdraidh; obair-shnaidhidh nam Meadhan Aoisean, sàr-sgilean obair-mheatailt a chruthaich Bràiste Latharna, obair-chlòtha tràth san Nuadh-Linn no sàr-chomas peantaireachd Uilleim Mhic an t-Sagairt agus eile, bha ar dualchas ealain lèirsinnich an ìre mhath dìochuimhnichte. Is sinne a tha fortanach nach ann mar sin a tha cùisean tuilleadh, ach leigeamaid sùil a thoirt air ais air na h-atharraichean a thug buaidh air a’ chùis.

Feumar a ràdh gun robh foillseachadh an leabhar Eachdraidh Ealain-lèirsinneach na Gàidhealtachd na chlach-oisein den ath-bheothachadh. Chan ann dìreach air eisimpleirean eachdraidheil a chuir an leabhar solas, ach air an iomadh eisimpleir mìorbhailteach de dh’ealain lèirsinneach bhon àm, obair bho leithid Eòghan MacColla agus Màiri NicGillÌosa nam measg. Chan eil e idir soilleir dè mar a ruigeadh sinn don ìre far a bheil sinn an latha an-diugh às aonais. Ged a bha meall fianaise ann roimhe, chuir an leabhair ri chèile e ann an dòigh shoilleir a bhrosnaicheadh leasachaidhean eile.

Aon de na leasaichean seo a chaidh a bhrosnachadh le obair an leabhair is e foghlaim ealain tro mheadhan na Gàidhlig. Eadar foghlaim ealaine aig ìre bhun-sgoile, no clasaichean coimhearsnachd air feadh na h-Albann, tha e ro fhurasta na cothroman seo a ghabhail gu nàdarra, leis cho cumanta is farsaing ’s a tha iad. Ach, cha b’ ann mar sin a bha cùisean aig aon àm. Aig tòiseach na 2020an, cha robh ann ach trì àrd-sgoiltean far am faigheadh sgoilearan cothrom ealain ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig gu Àrd-ìre. Abair eadar-dhealachadh bhon latha an-diugh far am faigh sgoilearan air feadh na dùthcha na cothroman seo. A bharrachd air seo, nam biodh sgoilear airson slighe-obrach a leanachd ann an saoghal ealaine, dh’fheumadh iad cùrsaichean ealaine tro mheadhan na Beurla a thaghadh.

’S e stèidheachadh a’ chiad chùrsa ealain tro mheadhan na Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig na b’ fhaide anns an deichead a dh’atharraich staid na cùise. ‘S ann tron chùrsa sin a thàinig cuid mhath de shàr luchd-ealain na Gàidhealtachd anns na beagan bliadhnaichean a dh’fhalbh. Chan urrainn dhuinn gu leòr buille a chur air cudromachd ionnsachadh ealaine tro mheadhan na Gàidhlig aig an ìre seo, ach a’ bhuaidh a thug e air misneachd is mothachadh ealain lèirsinneach na Gàidhealtachd. Mar a thathar a-niste a’ bruidhinn mu dheidhinn sgoil-ealain na Gàidhealtachd fa-leth, ’s e rudeigin a bheir aithris fianaise air soirbheachas a’ chùrsa.

Tuigidh a’ mhòr chuid de Ghàidheal an latha an-diugh cho cudromach ’s a tha na h-ealainean-lèirsinneach do chultar na Gàidhlig. Gu dearbh, ’s urrainn dhuinn ar faireachdainnean is ar seallaidhean a chur an cèill tro ealain de dh’iomadh seòrsa, ach mura tuig cuideigin an cànain fhèin, an tuig iad doimhneachd òran Gàidhlig no pìos ealanta bàrdachd? Le na h-ealainean-lèirsinneach, bheir iad dhuinn cothroman sealladh nan Gàidheal a roinneadh le daoine aig nach eil a’ Ghàidhlig. Thathar air fhaicinn cho cudromach ’s a tha sin anns na deicheadan a dh’fhalbh agus sàr obair ealain-lèirsinneach na Gàidhealtachd air a taisbeanadh air feadh an t-saoghail.

Tha ar fèisean nàiseanta, Seachdain na Gàidhlig agus Am Mòd Nàiseanta air pàirt mhòir a chluich ann an taisbeanadh soirbheachas ealain-lèirsinneach na Gàidhealtachd. Anns an dà dheichead mu dheireadh tha na fèisean seo air cothroman mòra a thoirt do luchd-ealain na Gàidhealtachd an sàr-obair a thaisbeanadh aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta, slighe air adhart do shaoghal na h-ealaine airson cuid mhath de luchd-ealain na Gàidhealtachd. An creideadh òigridh an latha an-diugh nach robh an leithid de chothroman ann anns na bliadhnaichean tràth den 21mh Linn?

Bu chòir do Ghàidheil an latha an-diugh a bhith taingeil do cheannardan ar coimhearsnachd anns na 2020an. Às aonais an lèirsinne, cò aig a bhiodh fios cò seòrsa staid anns am biodh an roinn. Chuir iad bun-structar air dòigh ach thog iad na h-ealainean-lèirsinneach bho staid far an robh iad an ìre mhath do-fhaicsinneach gu ìre far a bheil iad an latha an-diugh, far an toirear spèis dhaibh, co-ionnan ri ealainean eile na Gàidhlig. Ceann 20 bliadhna eile, dar a bheir ar n-òigridh sùil air an linn againne an latha an-diugh, ‘s ma dh’fhaoidte gum faicear linn òir airson nan ealainean-lèirsinneach. Gu pearsanta, tha min dòchas gum faicear an roinn mar chraobh dharach mhòr, a thèid bho neart gu neart mar a dh’fhàsas i nas motha ginealach air ghinealach. Ma chìthear, tha mi cinnteach gun toirear sùil air ais do bhliadhnaichean nan 2020an far an deachaidh an sìol a chur.


Críostóir de Piondargás

Rugadh Críostóir de Piondargás ann am Baile a’ Ghobainn ann an 1986 agus chaidh a thogail ann am Pàirc na Mòna far bheil e fhathast a’ fuireachd san latha an-diugh. Buinidh a chuideachd do dh’Èirinn agus tha Gaeilge aige gu ìre fileanta. Rinn e sgrùdadh air dealbhadh bathair, sgead-dhealbhachd agus dealbhadh grafaigeach aig an oilthigh is a’ cholaiste mus do rinn e BA (Hons) Cànan is Cultar na Gàidhlig le Sabhal Mòr Ostaig. An-uiridh, cheumnaich Críostóir le MA bho Chonservatoire Rìoghail na h-Alba. Tha còrr is deich bliadhna de dh’eòlais aige mar thidsear àrd-sgoil Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach sia bliadhna aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Tha e a-nis na thidsear ealain (FtG) agus Gàidhlig ann an Àrd-sgoil Ghreenfaulds ann an Comar nan Allt. A thuilleadh air teagasg bidh e ag obair mar neach-ealain is sgead-dhealbhadair air a’ cheann fhèin le ùidh sònraichte ann an clò-bhualachd, ealain digiteach agus cuspairean Gàidhlig. 



The Fòram Alba air Thoiseach ann gus deasbad a bhrosnachadh mu Alba san àm ri teachd na h-Alba san fhad-ùine, agus tha sinn ag amas air raon de bheachdan a sgaoileadh. Tha na beachdan sa bhloga seo aig an ùghdar agus faodar nach ionnan iad agus beachdan Fòram Alba air Thoiseach.