The Scottish Parliament's think-tank

Alba 2030 Sealladh Brosnachail air an Àm ri Thighinn

Alba 2030 Sealladh Brosnachail air an Àm ri Thighinn

Tha Prògram Alba 2030 air a bhith na rannsachadh air an t-seòrsa dùthaich a tha sinn a’ miannachadh a bhios ann an Alba ann an 2030 agus nas fhaide air adhart.

Front cover of Alba 2030 report

Troimhe, tha Fòram Alba air Thoiseach air coimhead ri mar a tha cultar agus comann-sòisealta na h-Alba ag atharrachadh agus mar a dh’atharraicheas e fhathast. Tha sinn air sùil a thoirt air na cùisean tro dhiofar thèaman agus bho dhiofar sheallaidhean, leis an amas fharsaing sealladh brosnachail a thoirt air na tha romhainn.

Thar bliadhnaichean a’ phrògraim, tha sinn air stòr fiosrachaidh de stuthan a chruthachadh. Cho math ri bhith a’ buntainn ris an raon fharsaing de chuspairean a tha air an deasbad, tha e na adhbhar cnuasachadh air na tha an dàn do dh’Alba. Le bhideothan, podchraolaidhean, aithisgean tachartais, blogaichean le aoighean, sgeulachdan agus dealbhan, tha sinn air taic a thoirt do ghrunn ghuthan gus meòrachadh air an àm ri teachd san dòigh a thogras iad fhèin.

Gheibhear a h-uile dad a rinn sinn air an làraich-lìn againn: www.scotlandfutureforum.org.

Tha an aithisg ag amas air na prìomh chùisean a dh’èirich às an obair againn a nochdadh agus cuid de cheistean cudromach airson nan 10 bliadhna a tha romhainn. Tha e cuideachd a’ mìneachadh taghadh de na molaidhean cruthachail a chaidh a dhèanamh anns na tachartasan againn, le 10 smuaintean airson 2030.

Ach is e an rud as cudromaiche buileach gu bheil sinn an dòchas gum piobraich e a h-uile duine – Buill Pàrlamaid na h-Alba agus na daoine dha bheil iad a’ frithealadh – gus sealladh brosnachail a thoirt air an àm ri teachd.