The Scottish Parliament's think-tank

Alba 2030: A’ Ghàidhlig – Buaidh is Piseach

Photo of road leading away into distance in Scottish HighlandsImage: Wolfgang Claussen from Pixabay

A’ Ghàidhlig – cò ris a bhiodh soirbheachadh coltach?

Dè a bu chòir a bhith an dàn don Ghàidhlig ann an Alba? Cò ris a bhiodh soirbheachadh coltach ann an 2030?


Aithisg na co-labhairt

Aithisg na co-labhairt

Leugh an aithisg air fad:


Bhidiothan

Coimhead air bhideo an tachartais:

Geàrr-chunntas bho Oifigear Gàidhlig na Pàrlamaid, Alasdair MacCaluim air beachdan nam bùithean-obrach:

Blog


Fiosrachadh mun Luchd-labhairt

Tha an t-Àrd-ollamh Wilson McLeod na ollamh na Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha e na stiùiriche rannsachaidh ann an Ceiltis is Eòlas na h-Alba, le ùidh rannsachaidh a’ gabhail a-steach cùisean poileasaidh agus planadh cànain ann an Alba; reachdas cànain agus còirichean cànain; agus poilitigs cultarail litreachas na Gàidhlig is na Gaeilge.

Bidh Wilson tric a’ bruidhinn anns na meadhanan air àite na Gàidhlig ann an Alba.

Tha Màiri Anna NicUalraig na neach-ciùil is seinneadair Albannach, na stiùiriche còisir, sgrìobhadair ciùil, neach-aithris rèidio is telebhisean, agus na riochdaire ciùil. Rugadh agus thogadh i ann an Glaschu do theaghlach Gàidhlig.

Buinidh màthair Màiri Anna, an Dr Ceana Chaimbeul MBE, do theaghlach cliùiteach sheinneadairean is pìobairean, Caimbeulaich a’ Ghrìob san Eilean Sgitheanach, agus tha i aithnichte mar neach-gleidhidh traidisean nan Gàidheal agus na neach-oideachaidh.

Tha Tadhg Ó hIfearnáin na Àrd-ollamh Stèidhichte na Gaeilge aig Oilthigh Nàiseanta na h-Èireann ann an Gaillimh. Bha e aig Oilthigh Luimnich bho 1996 gu 2017.

Ro sin, bha Tadhg a’ teagasg ann an Roinn na Breatannais agus na Ceiltis aig Oilthigh Rennes 2 bho 1990, às dèidh greis mar òraidiche is oileanach rannsachaidh ann an  Coleraine agus Utrecht. Tha BA aige (1988) agus PhD (1994) ann an Gaeilge bho Oilthigh Ulaidh aig Coleraine.