The Scottish Parliament's think-tank

2035

Range-rover driving into distance toward mountainPhoto by Ma Ti on Unsplash

Gus seachdain na Gàidhlig 2022 a chomharrachadh, iarr Fòram Alba air Thoiseach air grunn luchd-labhairt Gàidhlig na beachdan aca a thoirt dhuinn mun àm ri teachd.

Tha am pròiseact, a chaidh a ruith le taic bho Oifigearan Gàidhlig na Pàrlamaid, ag amas air cur ri lèirsinn a chaidh a chur ri chèile aig tachartas aig Fhòram Alba air Thoisach ann an 2019, Alba far a bheil “Gàidhlig ri faicinn is ri cluintinn sa bheatha phoblaich, le Gàidhlig ga cleachdadh gu cunbhalach airson ceistean nach eil co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig”. 

Anns a’ bhloga seo, tha an sgrìobhadair Iain Fionnlagh MacLeòid a’ toirt dhuinn beagan sgrìobhadh cruthachail làn dhystopia – agus beagan dòchais? – mu Alba san àm ri teachd.


Ann an 2035, cheannaich a’ chompanaidh Amazon Alba air fad bho Riaghaltas Bhreatainn.

Aig an àm sin, bha a’ mhòr-chuid dhen dùthaich air a bhith air a ceannach le diofar dhaoine beairteach agus chompanaidhean co-dhiù. Ged a bha diofar phàirtean dheth, na bailtean mar eisimpleir, fhathast aig an Riaghaltas ann an Dùn Èideann, no aig na daoine, mar gum biodh.

Bha e duilich dèanamh a-mach cò leis a bha na companaidhean sin oir bha iad air an cumail dìomhair tro chompanaidhean-slige anns na Channel Islands agus na Cayman Islands, am measg àiteachan eile.

Cha robh an uair sin seirbhisean air fhàgail a bha poblach agus thabhainn Amazon suim dha Riaghaltas Bhreatainn, a bharrachd air tuarastal dha gach neach ann an Alba, ’s nach biodh aca ri obair air a shon – Basic Universal Income anns a’ Bheurla.

Rinn Riaghaltas Bhreatainn seo airson diofar adhbharan. A’ chiad adhbhar – ’s e gum b’ urrainn dhaibh. An dàrna adhbhar, ’s e gun robh e comasach dhaibh, le taic bho Facebook, a thoirt gu bith. An treas adhbhar, rinn e airgead dha feadhainn, tòrr, tòrr airgid.

Cha robh mòran dhaoine air fhàgail sna h-Eileanan agus air a’ Ghàidhealtachd an uair sin. Chaidh dèanamh às le croitearachd nuair a thòisich na leases airson croitean a bhith air an reic airson 400k anns an Eilean Sgitheanach agus àiteachan eile.

Bha luchd Poilitigs air ionnsachadh gum faodadh iad na thogradh iad a dhèanamh anns na ficheadan co-dhiù, agus nach b’ urrainn dha duine stad a chur orra.

Bha cuideachd an cogadh air a bhith a’ dol air adhart airson barrachd is dusan bliadhna agus bha daoine bochd. Bha ìmpireachd Shìona air buaidh a thoirt air ìmpireachd Americaidh ann an diofar dhòighean – ’s e an Yuan a-nis a’ phrìomh Reserve Currency. Bha Ameireagaidh air tòrr dhe na bases aca thall thairis a dhùnadh, mar a bha Breatann agus an Òlaind air dèanamh romhpa ann an linntean eile. Bha airgead Breatannach air tòrr den luach aige a chall. Ach bha fhathast fortanan gan dèanamh, nach fhacas a leithid a-riamh.

Ràinig Elon Musk planaid Mars ann an 2026. Cha robh Blue Origin fada air an cùlaibh agus mar a bha Musk air a ràdh iomadach uair roimhe sin, cha robh iad a’ dol a leantainn laghan a chaidh a dhèanamh air an talamh, air planaid eile. Ann an 2028 chaidh dà starship air ais le acfhainn airson mining.

Ann an 2030 bha Arm aca air Mars, agus thòisich iad a’ reic plots dha daoine a bha airson an cuid fortain a dhèanamh. Lorg iad lithium, agus uranium ann, agus an t-àite sin a thoirt air ais chun na talmhainn, chùm iad e agus thòisich iad terraformeadh. Bha còig companaidhean os cionn a’ mhòr-chuid den phlanaid dhearg.

Bha daoine an dòchas gum pàigheadh am fortan a bha ga dhèanamh air Mars dha daoine, ’s nach leigeadh iad a leas obair tuilleadh.  Leis gun robh AI air fàs cho comasach agus cur às dha uiread obraichean, bha daoine an dòchas gum biodh airgead ann bho fhiachan air na companaidhean. Ach cha robh.

Agus ’s ann mun àm sin a thòisich am beachd, Alba a reic.

Cha robh, aig an toiseach, duine ag èisteachd ris a’ bheachd. Cò às a thàinig ‘am beachd, cha robh fios aig duine, ach thòisich daoine a’ sgrìobhadh mu dheidhinn, agus thòisich e a’ nochdadh air na meadhanan sòisealta agus anns an Metaverse.

Photo by Ma Ti on Unsplash

Bha a-nis saoghal foirfe bhirtual aig a h-uile duine, nan robh an t-airgead aca. Bha feadhainn air cur romhpa a bhith beò dìreach ann an saoghal bhirtual. Agus bha na companaidhean sin a-nis cho math air toirt air daoine  na bha iad ag iarraidh smaoineachadh, gun robh cumhachd aca thar mac an duine nach fhacas a-riamh. Bha iad na cumhachdaiche na iomadach dùthaich. Bha iad cuideachd nas beirtiche. Agus mar sin, carson nach ceannaicheadh iad dùthaich dhaibh pèin?

Bha diofar rudan a bha tarraingeach mu dheidhinn Alba – an t-sìde, bha ola ann, a bha fhathast air a cleachdadh ann am pàirtean mòra den t-saoghal. Bha e faisg air an t-slighe-mhara tron Artaig, a bha a’ giorrachadh na sllighe gu Sìona. Bha gu leòr de neart na gaoithe ann, cumhachd a dhèanamh airson crypto a chruthachadh. Agus, bha Uibhist ann.

Bha Uibhist cudromach oir bha e comasach rocaidean sub orbital a chur suas chun nan speuran. Bha diofar àiteachan a bha a-nis mì-fhreagarrach airson seo, leis gun robh iad ro theth, no gun robh iad air an sgrios. Co-dhiù, bha seo tarraingeach dha Blue Origin agus Amazon.

Agus co-dhiù, chaidh Alba a reic. Chaidh an t-sùim a phàigheadh ann an crypto currency, agus gu mì-fhortanach,  chaidh luach crypto sìos nuair a lorg cuideigin mar a dh’fhaodadh iad  am blockchain a bhriseadh.

Ann an Uibhist, thug iad air na daoine air an eilean fàgail agus fhuair iad uile airgead agus talamh ann an Canada. Ach chan e a h-uile duine a bha airson fàgail – gu h-àraidh na daoine a bha an sàs anns a’ chogadh mhòr air nach biodh crìoch. ’S e daoine cruaidh a bha seo, agus chaidh talamh agus beòshlaint a ghealltainn dhaibh airson na rinn iad. Ach cha d’ fhuair iad sin.

Aon oidhche, thog aon dhe na daoine sin, boireannach leis an ainm Mairead a’ Phunndair, làmhach agus acfainn airson  uèir a ghearradh leatha a-mach, nuair a bha a’ chlann aice nan cadal.

Thòisich daoine ga leantainn tron bhaile, a-mach chun na machrach – far na gheàrr i am feansa agus thòisich na daoine a’ com-pàirteachadh na talmhainn eatorra, le beachd gum briseadh iad an tac ann am pàirtean. Rinn iad sin, na rocaidean air fàire.

Thog iad bothagan beaga dhaibh pèin agus thòisich iad, an t-ath latha fhèin, a cur buntàta. Bha gàireachdainn ri cluinntinn, clann a’ ruith agus a’ cluich. Rinn iad geur na bh’ aca agus thug iad a-mach ball-airm sam bith a bh’ aca air fhàgail bhon àm aca san Arm.

Agus rinn iad deiseil airson na bha a’ dol a thighinn.

DEIREADH.


Iain Fionnlagh MacLeòid

Tha Iain Finlay à Eilean Leòdhais ann an Alba. 

Is e cuid de na dealbhan-cluiche aige ‘Whisky Galore’, ‘Somersaults’ (NTS), The Bends (RSAMD), ‘The Devil Masters’, ‘The Pearlfisher’, ‘I was a Beautiful Day’, ‘Broke’ agus ‘Homers’, (Traverse Theatre, Dùn Èideann). 

Sgrìobh Iain Finlay ‘St Kilda – The Opera’, pìos tèatair ioma-chuspaireil a chaidh a shealltainn aig Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann ann an 2009. Chaidh seo a shealltainn aig an aon àm ann an còig dùthchannan eadar-dhealaichte ann an 2008. 

Bha Iain Finlay na neach-ealain aig Theatar Nàiseanta na h-Alba bho 2013-2015. ’S e an ‘Robert Louis Stevenson Fellow’ a bh’ ann ann an 2009-2010. Bha e na sgrìobhadair aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ Cholaiste Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach, airson dà bhliadhna. Bha e cuideachd na Associate Playwright aig Comann Sgrìobhadairean Dràma na h-Alba airson dà bhliadhna. 

Tha Iain Finlay an-dràsta ag obair air dealbh-chluich leis an ainm ‘Archipelago’ leis a’ chompanaidh tèatar Frangach‘Eolie Songe’, le luchd-ealain às an Fhraing, an Spàinn, an Tuirc agus a’ Ghrèig. 



The Fòram Alba air Thoiseach ann gus deasbad a bhrosnachadh mu Alba san àm ri teachd na h-Alba san fhad-ùine, agus tha sinn ag amas air raon de bheachdan a sgaoileadh. Tha na beachdan sa bhloga seo aig an ùghdar agus faodar nach ionnan iad agus beachdan Fòram Alba air Thoiseach.